SGRÌOBH DHUINN

Gus sgrìobhadh a chur gu STEALL, neo ma tha beachd-sgrìobhaidh agaibh, thoiribh suil air na leanas.

Faodaidh sibh ur cuid sgrìobhaidh a chur air post-dealain gu: sgriobh AIG steall DOT info

Bidh e feumail dhuibh na leanas a leughadh an toiseach mus cuir sibh stuth thugainn.

Dè seòrsa sgrìobhaidh?

’S ann ag amas air inbhich a tha an iris STEALL: inbhich aig a bheil ùidh ann an sgrìobhadh ùr.  Ann an STEALL, gheibhear measgachadh de sgrìobhadh: steall math de sgeulachdan goirid, bàrdachd, aistidhean, agallamhan, lèirmheasan, dràma agus rosg.  ’S i Gàidhlig na h-Albann cànan STEALL. Chan eil sinn a’ gabhail ri sgrìobhaidhean ann an cànain eile.  Mach le Beurla.

Cia mheud facal a tha STEALL a’ sireadh? 

Mar ‘s trice:

Sgeulachdan goirid – eadar 1,000-3,000 facal

Bàrdachd – suas gu 4 dàin meadhanach fada/8 goirid

Aistidhean – eadar 1,000-2,500 facal

Agallamhan – eadar 1,000-3,000 facal

Lèirmheasan ceangailte ri leabhraichean – eadar 750-1,000 facal

Dràma goirid – eadar 500-2,000 facal

Barrachd air aon seòrsa sgrìobhaidh agaibh an-dràsta?

Na cuiribh ach aon seòrsa thugainn aig an aon àm Tapadh leibh.

Stuth ùr

‘S e stuth ùr nach robh ann an clò reimhid (fiù ’s air an eadar-lìon), a bhios STEALL a’ foillseachadh.  Mar phàirt de dh’aonta sam bith, ma thèid sgrìobhadh sam bith fhoillseachadh ann an STEALL, chan fhaodar fhoillseachadh a-rithist taobh a-staigh bliadhna às dèidh sin. 

Eadar-theangachadh

Cha bhi sinn a’ gabhail ri sgrìobhadh a tha air eadar-theangachadh gu Gàidhlig bho Bheurla. Ma dh’fhaoidte gun toir sinn sùil air sgrìobhaidhean air an eadar-theangachadh bho chànain eile, ma tha iad aig àrd-ìre. Tha sinn a’ toirt prìomhachas do sgrìobhadh ann an Gàidhlig bho thùs.

Dealbhan/iomhaighean/ealain

Mas e ’s gu bheil sibh airson dealbhan-camara, neo iomhaighean ealain, a chur thugainn, faodaidh sibh sin a dhèanamh. Bheir sinn sùil orra feuch a bheil iad a’ freagairt oirnn a thaobh foillseachadh, an dà chuid a thaobh iris clò‑bhuailte agus/neo an làrach-lìn againn.   Tha sinn duilich ach chan urrainn dhuinn gealltanas a thoirt seachad gun tèid an cleachdadh ge-tà. Ma thèid ur diùltadh, chan urrainn dhuinn a dhol ann an còmhradh mu dheidhinn sin. 

Cuin a bhios STEALL ga fhoillseachadh?

Mar ‘s trice, bidh STEALL ga fhoillseachadh (an dà chuid ann am pàipear agus mar leabhar didsiteach) dà thriop sa bhliadhna, ach uaireannan atharraichidh sin.  Mar ‘s trice bidh an iris clo-bhuailte a’ nochdadh san Dàmhair, agus sa Ghiblean.   Bidh an riochd eileagtronaigeach a’ nochdadh goirid às dèidh don iris phàipeir nochdadh. Gus stuth fhaighinn ann, feumaidh sibh a chur thugainn tràth! 

Co-dhùnaidhean

‘S ann aig CLÀR, am foillsichear, (le taic bho sgioba STEALL) a tha am facal mu dheireadh an tèid stuth fhoillseachadh gus nach tèid.

Beachdan air ur cuid obrach? 

Gu mì-fhortanach, chan urrainn dhuinn a dhol ann an deasbad neo còmhraidhean mu dheidhinn ur cuid sgrìobhaidh, mas  e ’s gun tèid ur diùltadh.   Uaireannan, chan e nach eil sinn den bheachd gu bheil ur cuid sgrìobhaidh math: ’s e ’s gu bheil gainnead rùm san iris. 

Foillseachaidhean air-loidhne a-mhàin

Ma tha an iris làn mar-thà, uaireannan bidh cothrom ann a bhith foillsichte air-loidhne a-mhàin. Ma tha ùidh agaibh, cuiribh fios thugainn aig sgriobh AIG steall DOT info  A-rithist, bidh dùil againn nach bi sibh a’ foillseachadh na h-obrach an àiteachan eile taobh a-staigh bliadhna.

Pàigheadh

Ma ’s e ’s gun tèid ur foillseachadh ann an STEALL, mar ‘s trice gheibheadh sibh beagan mu choinneamh ur cuid obrach.  Pàighear seo aon uair ‘s gu bheil ur cuid sgrìobhaidh air nochdadh san iris. Gu mì-fhortanach, chan eil mòran airgid aig STEALL – chòrdadh e rinn barrachd a phàigheadh.

Facail agus gràmar – gnothaichean-cànain

Ma thèid teacsa thaghadh airson fhoillseachadh, tha teansa ann gum bi luchd-deasachaidh STEALL * ag atharrachadh  corra rud san teacsa agaibh, ma tha iad a’ faireachdainn gu feumar.  Nìthear sin le deagh rùn, agus ma bhios atharraichean san amharc, nì CLÀR an dìcheall innse dhuibh.   Obh obh, tha luchd-deasachaidh CLÀR a’ gabhail, gu ìre mhòr, ri Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig (GOC): bithear a’ feuchainn ri GOC a leantainn. Corra uair, ann an suidheachaidhean far a bheil cainnt shònraichte cudromach (is litreachadh àraid na chois), fagaidh sinn a’ chainnt-sgrìobhte mar a thà i, agus cha bhi an teacsa buileach a rèir GOC.  Chan e poilis litreachaidh a th’ annainn.

*Tha dithis os cionn obair-deasachaidh CLÀR:  ’s iad Catrìona Mhoireach agus Lisa Storey. Tha an dithis seo air a bhith an sàs ann am foghlam agus foillseachadh na Gàidhlig airson iomadach bliadhna. Uaireannan, bidh CLÀR a’ cleachdadh luchd-deasachaidh neo-eisimeileach. Ma bhios ceist sam bith aig sgrìobhadair mu phoileasaidh-deasachaidh CLÀR, bu chòir fios a chur, sa chiad dol a-mach, gu:  sgriobh AIG steall DOT info

Taing.