FOILLSICHEARAN

Sgrùdadh – leirmheasan ann an STEALL

 

Ma tha sibh airson leabhar ùr a chur thugainn, faodaidh sibh sin a dhèanamh. Mar as trice, ’s e leabhraichean Gàidhlig air am bithear a’ toirt sùil. A thaobh leabhraichean-chloinne, ’s ann ainneamh a bhios sinn a’ toirt suil air leabhraichean air an tionndadh gu Gàidhlig. Tha ar cuideam air leabhraichean sgrìobhte ann an Gàidhlig bho thùs.
Cuiribh na leabhraichean Gàidhlig agaibh gu STEALL, Box 250, 24 Station Square, Inbhir Nis IV1 1LD. Tapadh leibh.