FARPAIS STEALL 01

GLÈIDHIBH A H-UILE STEALL AN-ASGAIDH

NA CEUMANNAN


A.  Freagraibh gach ceist 1-5

B.  Cuiribh còmhla a’ chiad litir de gach freagairt

C.  Cuiribh an òrdugh na litrichean gus ainm iomchaidh a dhèanamh


CRIOMAG CUIDEACHAIDH?

An triop seo, lorgar freagairtean ceistean 1-5 ann an leabhraichean ficsean a dh’fhoillsich CLÀR.

Criomag-cuideachaidh? Tha sibh a’ coimhead airson luchd-ealain ùr nosach: feadhainn a bha a’ dol bho chionn ghoirid. Tha na daoine seo à baile aig a bheil ceangal ri leabhar ficsean Gàidhlig ainmeil a nochd ann an 2013.

Cuideachadh eile! Na leabhraichean anns a bheil na freagairtean? Samhraidhean Dìomhair; Air a Thòir; Air Cuan Dubh Drilseach; Ùpraid; Dacha Mo Ghaoil  (A bheil iad siud ann an òrdugh, ceangailte ris na ceistean? Chan eil! Bhiodh sin ro fhùrsata)


NA CEISTEAN 

(GHEIBHEAR A H-UILE CEIST 1-5 ANN AN STEALL 01 FHÈIN)

  1. Is ann sa bhaile seo aig àm a’ Mhoid a chuala Monika às a’ Pholainn a’ Ghàidhlig airson a’ chiad uair.
  1. Chaidh tuathanas struth a stèidheachadh air an eilean seo fo stiùir bhoireannach às an Ruis, ach cha do mhair na creutairean bochda fada beò.
  2. Thàinig Sàl is Riosa às a’ phlanaid aca fhein chun a’ bhaile seo air an Talmhainn.
  3. Dachaigh ùr Chrissie Klein, is i air cùl a chur ri samhraidhean a h-òige.
  4. Thall ann an Èirinn, tha iomadh plòigh is iomadh trioblaid aig deugairean sa bhaile seo.

Cuiribh còmhla a’ chiad litir de gach freagairt, agus cuiribh an òrdugh na litrichean gus an t-ainm iomchaidh a dhèanamh. Furasta!

 

STEALL 01


FARPAIS  01 – CUIRIBH BRATH THUGAINN

Cuiribh ur freagairt thugainn, le ur n-ainm agus ur seòladh, gu

farpais AIG steall DOT info

 


Thèid ainm an neach a bhuannaicheas fhoillseachadh an seo agus ann an STEALL 02

AN IRIS ÙR

Seach gun e seo ciad iris STEALL, tha CLÀR deònach duais a thoirt seachad a bhios a’ ciallachadh gum faigh an neach a ghlèidheas farpais STEALL 01 a h-uile lethbhreac eile an-asgaidh gu bràth tuilleadh.

CLÀR, 2016