An Luingeas Dorcha air Fàire – ficsean ùr bho Thim Armstrong

Nov 9, 2016 | STEALL 01

Ri fhaighinn a-mhàin ann an STEALL, an iris ùr.  Tha caibideil a h-aon ann an STEALL 01.

Bidh An Luingeas Dorcha air Fàire a’ togail air saoghal iongantach Air Cuan Dubh Drilseach, a’ chiad nobhail aig Tim Armstrong.  Leanaibh A-Hiom, Sàl agus Rìosa agus iad an sàs ann an dàna-chuairtean iongantach ùra.  Cò aig a tha fios nach bi caractar neo dhà ùr a’ nochdadh anns An Luingeas Dorcha air Fàire cuideachd.

Anns gach iris, a’ toiseachdain le STEALL 01, bidh caibideil ùr a’ nochdadh.

Ficsean sreathach ùr, ann an Gàidhlig na h-Albainn.

Faighibh An Luingeas Dorcha air Fàire, nobhail ùr Thim Armstrong, ann an STEALL

“’S e ceum mòr a th’ ann ann an iomadh dòigh”

Aonghas Dubh MacNeacail, BBC Radio nan Gàidheal, 2013

stòraidh làidir … clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig.

“Ruairidh MacIlleathain, COTHROM, 2013

an impressive debut

Moray Watson, Northwords Now, 2013

am measg na leth-dusan nobhail Ghàidhlig as fheàrr a dh’fhoillsicheadh riamh

Raghnall MacilleDhuibh, an t-Albannach, 2013:

“tè dhe na còig nobhailean Gàidhlig as cudromaich a-riamh”

Muinntir Scot Lit Fest, 2016

Choisinn Air Cuan Dubh Drilseach le Tim Armstrong duais Ciad Leabhar na Bliadhna bho Chomann Crois na Brataich ann an 2013.

Tha An Luingeas Dorcha air Fàire, a tha ri fhaighinn ann an STEALL, a’ togail air a’ chiad nobhail.

Fiosrachadh eile

Clàr-innse

Tim Armstrong, Meg Bateman, Alasdair Caimbeul, Maoilios Caimbeul, Catrìona Lexy Chaimbeul, Emma Dymock, Daibhidh Eyre, Biddy Jenkinson, Alison Lang, Morag Law, Pàdraig Macaoidh, Crìsdean Macillebhàin, Ruairidh MacÌomhair, Robbie Anndra MacLeòid, Deborah Moffatt, Seonag Monk, Jane NicLeòid, Niall O’Gallagher, Petra Poncarová, Màiri Rhind

tuilleadh